Nach i tha brèagha an-diugh!
Is e latha mìorbhaileach a tha ann an-diugh. An-dràsta, tha mi air mo shaor-laithean bho sgoil. Tha e nas blàithe na an t-seachdain a chaidh. Bha mòran sneachda againn an-seo ann am Maine, ach tha e a leaghadh a-nis, oir tha e mu 4°C a-muigh. O uill, bidh Nollaig gheal againn a-màireach co-dhiù. Bha barrachd air 60 cm sneachda air a' ghrunnd!
An aithne dhuibh am prògram "Can Seo?" Tha Gràisg air sgrìobhadh beagan fhaclan mu a dheidhinn air Fòram na Gàidhlig. B'ann an-dè a bha a' chiad ùine a chunnaic mi e. Tha beagan eadar-sgeulan air Youtube. Tha mi den bheachd gur e deagh dhòigh a tha ann airson tòiseachadh ionnsachadh na Gàidhlig.
Tha mi toilichte nach feum mi a cheannach rud eile airson na Nollaige, oir tha an sluagh cho mì-mhodhail anns na bùthan aig àm na bliadhna seo! Càite a bheil spiorad na Nollaige?
Co-dhiù, tha mi an dòchas gum bi Nollaig chridheil dhuibh uile. Tha mi an dòchas gum bi cuimhne agaibh air fìor spiorad na Nollaige. Chan e na tiodhlacan a tha ann, ged a tha iad snog. Is e spiorad gaoil agus spiorad gràis ri daoine eile.
Beannachdan Nollaige dhuibh uile!