Nach i tha brèagha an-diugh!
Is e latha mìorbhaileach a tha ann an-diugh. An-dràsta, tha mi air mo shaor-laithean bho sgoil. Tha e nas blàithe na an t-seachdain a chaidh. Bha mòran sneachda againn an-seo ann am Maine, ach tha e a leaghadh a-nis, oir tha e mu 4°C a-muigh. O uill, bidh Nollaig gheal againn a-màireach co-dhiù. Bha barrachd air 60 cm sneachda air a' ghrunnd!
An aithne dhuibh am prògram "Can Seo?" Tha Gràisg air sgrìobhadh beagan fhaclan mu a dheidhinn air Fòram na Gàidhlig. B'ann an-dè a bha a' chiad ùine a chunnaic mi e. Tha beagan eadar-sgeulan air Youtube. Tha mi den bheachd gur e deagh dhòigh a tha ann airson tòiseachadh ionnsachadh na Gàidhlig.
Tha mi toilichte nach feum mi a cheannach rud eile airson na Nollaige, oir tha an sluagh cho mì-mhodhail anns na bùthan aig àm na bliadhna seo! Càite a bheil spiorad na Nollaige?
Co-dhiù, tha mi an dòchas gum bi Nollaig chridheil dhuibh uile. Tha mi an dòchas gum bi cuimhne agaibh air fìor spiorad na Nollaige. Chan e na tiodhlacan a tha ann, ged a tha iad snog. Is e spiorad gaoil agus spiorad gràis ri daoine eile.
Beannachdan Nollaige dhuibh uile!

4 Freagairtean:
At 02:49,
davedave said…
This comment has been removed by the author.
At 21:10,
davedave said…
Bliadhna uabhasach màth dhuit! Tha mi an dòchas gu bheil thu gu màth. 'S mise Dàibhidh à Toronto, Ceanada. Tha mi an dòchas gu bheil thu gam thuigsinn. Tha mi duilich; chan eil a' Ghàidhlig agam cho màth fhathast. Bha mi ag iarraidh a' sgriobh riut 'sa Ghàidhlig, ach chan eil mi a' creidsinn gu bheil i agam màthnuair a tha thu gam thuigsinn, sgriobh mi air-ais, ma 's e do thoil e. moran taing.
Tha mi a' fuireadh 'sa Toronto, 's tha Beurla 's Frangais agam, agus eile. 'S toil leam mòran cànanan.
Uill, ma tha thu gam thuigsinn, tha mi an dòchas gum bi thu sgriobh rium air ais.
Fiudh! (phew!)
At 15:08,
ceann-feachd said…
Halò a Dhàibhidh. Thuig mi gu math thu. Ach tha ceartachadh no dhà agam dhut.
Hi David. I understood you well. But I have a correction or two for you.
"Tha mi a' fuireach ann an Toronto."
"Bha mi ag iarraidh a sgrìobhadh riut."
Cuideachd, chan eil stràc anns an fhacal "math."
Also, there is no accent mark in the word "math."
Basically, "sgrìobhadh" is the verbal noun form of "sgrìobh."
Rinn thu glè mhath! You did very well!
At 18:56,
davedave said…
Tapaidh leat. Tha mi toilichte gu robh thu gam thuigsinn. Tha fìos agam air a' Ghàidhlig agam; chan eil i ro mhath fhathast. Bha mi 'sa Steònabhagh leis mo cho-ogha 's theaghlach an-siud. Tha iad a' fuireadh ann a' Siadar Iarach, ann an Leòdhas. An aithne dhuit oirre?
Ma tha thu ag iarraidh a sgriobhadh rium le e-mail, thoir mi e-mail-address agam dhuit. Cuideachd, tha blog agam-fhèin: daveterpreter.blogspot.com. Sgiobh mi 'sa Ghàidhlig an-sin.
Sin thu!
Post a Comment
<< Dachaigh