Blòg Gàidhlig Chinn-feachd

Ceud Mìle Fàilte

Monday, November 27, 2006

Dihaoine Dorch!

Abair là inntinneach! Bha mi ann am Portland (am baile as motha ann am Maine) air Dihaoine Dorch.

Oir cha robh rud nas fheàrr agam ri dèanamh, smaoinich mi gun rachainn dha na bùthan a chum 's gun seallainn air an t-sluagh. Nach iad a bha mì-mhodhail! Carson? Tha mi a' creidsinn gum b'urrainn dhaibh a dh'fhaighinn an nì ùr a dh'iarr iad airson dolair no dhà nas lugha. 'S dòcha gu bheil iad a' creidsinn gu bheil an dolair nas cudromaiche na gach duine eile!

An e seo Spiorad na Nollaige?

Tha mi toilichte nach robh agam ri ceannachd rud sam bith, co-dhiù.

Oh. Thuirt mi gun cuir mi dealbh mo chàir air a' bhlòg. Seo mo chàr ùr (dhomhsa).



Beannachd leibh!

3 Freagairtean:

  • At 03:52, Blogger An Búrcach said…

    S'e rud iongantach gu bheil thusa a' sgriobhadh rudeigin dhen seorsa sin anns' a Ghaidhlig. A bheil moran Gaidheil ann anns'a Maine idir?

    Cum ort ris an deagh-obair!

    R.R.

     
  • At 19:25, Blogger ceann-feachd said…

    Hallò Bhúrcaich. Chan eil fhios agam cò mheud Gaidheil a tha againn an-seo. Ach chan eil sinn ro fhada bho Cheap Breatain.

     
  • At 13:32, Blogger Chris said…

    A charaid choir,

    Tha mi a sgrìobhadh air leth am film ùr Gàidhlig, Seachd – The Inaccessible Pinnacle, agus mi an dòchas gun fhaod cuideachadh a thoirt dhuinn le a bhi ag innse beagan mu dheidhinn dhan an t-saoghal. Tha blogs gu math cudromach agus cumhachdach san latha an diugh agus bhithinn gu math taingeil ma bha àm agaibh sgrìobhadh mu dheidhinn am film.
    Tha an làrach-lìn againn ri fhaighinn aig http://www.seachd.com/index_gaelic.html agus thèid an còd airson ceangal a’ dhèanamh a’ lorg aig http://www.seachd.com/index_links.html
    Gheibhear cuideachd brataich Seachd aig http://www.seachd.com/pages/links_banners.html.
    Tha fios airson na meadhanan ri lorg aig http://www.seachd.com/index_press_kit.html agus ann an crutha flash aig http://www.seachd.com/index_presskit_flash.html.
    Tha sinn cuideachd ri lorg air myspace aig www.myspace.com/seachd agus tha sin an dòchas coimhearsnachd bheag a steidheachadh an sin. Tha sin gu math toilichte gu bheil, mar tha, cha mhòr 6000 caraidean againn.
    Chaidh am film a shealltainn aig Feis Filmichean Cannes am bliadhna, far an deach innse gum bi e a-mach ann an taighean-deilbh sam Foghar as dèidh cùmhnant a’ dhèanamh leis a chompanaidh Soda Pictures. ‘S e fìor deagh naidheachd a tha seo airson film beag ann an Gàidhlig na h-Alba a chaidh filmadh anns an t-Eilean Sgitheanach, ach tha an t-uamhas cuideachadh a dhith oirnn fhathast airson innse dhan t-saoghal mu dheidhinn. Leig fios thugam ma tha cail sam bith eile a dhith ort.

    Leis gach deagh dhùrachd,

    Chris
    Chrisn[remove]gillies@gmail.com

     

Post a Comment

<< Dachaigh