Dà Latha!
Chan fheum mi a dh'obair ach airson dà latha! Is Dihaoine an latha deireannach agam. An-sin, bidh saor-làithean agam airson aon sheachdainn. An dèidh sin, thèid mi air ais dhan cholaiste. Tha mi a' dèanamh fiughar ri dol air ais gu sgoil. Tha mi seachd searbh sgìth de dh'obair an fhactaraidh. Thèid mi ann tràth 'sa mhadainn, agus bidh mi cho sgìth ri seann chù nuair a thig mi dhachaigh. Bidh an obair sin a' cur air chuimhne dhomh carson a tha mi a' dol gu colaiste, agus gun an airgead a rinn mi aig an fhactaraidh, cha b'urrainn dhomh dhol a cholaiste idir. Tha mi a' smaoineachadh nach bu chòir dhomh a ghearran.
'S ann air an 28mh latha den Lùnasdal a tha mi a' tòiseachadh sgoile. Feumaidh mi a dh'fhàgail mo thaigh aig leith-uair an dèidh sia 'sa mhadainn sin. Oir tòisichidh mo chlasaichean aig ochd uairean. 'S e dràibh fada a tha ann. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an colaiste mu dhà fhichead mìle air falbh. (Sin trì fichead cilemeatair 's a ceithir dhibh a chleachdas an seòl-tomhais meadrail)
Uill, feumaidh mi falbh an-dràsta.
Oidhche mhath!

1 Freagairtean:
At 14:35,
karidola said…
hi,
i do not understand anything but sure it's gaelic. right guessed?
With pleasure listen to Altan, Capercaille and Clannad
May I ask you what does "Tir'na noir" mean?
Post a Comment
<< Dachaigh