Blòg Gàidhlig Chinn-feachd

Ceud Mìle Fàilte

Tuesday, July 04, 2006

Saor-làithean

Tha mi air ais o shaor-làithean ann an Québec. Chaidh mi air Disathairne gu baille beag ann an ear na roinn far a bheil mo phiuthar a' fuireach. Air Didòmhnaich, chaidh sinn gu baile-mòr Québec. Bha tìde mhath againn an-sin. Chaidh sinn gu mall mòr an-sin, ach bha mòran sluaigh ann an-sin. Bha e gu math dòmhail!

Cuideachd, nuair a bha mi a' tighinn dhachaidh, sgur mi aig bùth bheag ann an Jackman, Maine air a bheil an t-ainm "Jackman Trading Post." Tha mòran fealla-dhà aig a' bhùth sin. Cheannaich mi feadhan.

Bha spòrs agam air mo shaor-làithean, agus bha mi glè thoilichte a dh'fhaicinn mo pheathar (cha robh mi air a faicinn o chionn fada), ach tha mi toilichte a bhith aig an taigh a-rithist. Tha mo phiuthar a' fuireach mu 230 mìltean o'n taigh agam. Mu cheithir uaireannan is leth.

Bha cadal glè mhath agam nam leabaidh fhèin.

Tìorraidh an-dràsda!

0 Freagairtean:

Post a Comment

<< Dachaigh