Cha do sgrìobh mi o chionn fhada!
Tha mi duilich nach eil mi air sgrìobhadh o chionn cho fada. Tha mi air bith trang lem obair agus mar sin air adhart. Tha mi air tòiseachadh a dh'ionnsachadh Spàinntis. Nam bheachd, tha mi a' smaoineachadh gu bheil Gàidhlig nas fhasa na Spàinntis. Tha na gnìomhairean glè dhuilich ann an Spàinntis, agus fìor nas fhasa ann an Gàidhlig.
Mar eisimpleir:
'S e ser facal na Spàinntis airson "a bhith." Ach ann an Spàinntis, 's ann mar seo a tha e:
Tha iad fìor nas fhasa ann an Gàidhlig gu dearbh. Tha tuilleadh ann gum feum mi a chuimhneachadh. Ach feumaidh mi Spàinntis a dh'ionnsachadh oir tha mòran sluaigh a' tighinn an-seo aig a bheil Spàinntis ach nach eil Beurla.
Tha mi a' dèanamh fiughar ri dol air ais dhan cholaiste air an 28mh là den Lùnasdal. Chan eil mòran tìde gus an tig an là. Bidh mi toilichte gu dearbh, 's fheàrr leam a bhith aig a' cholaiste na ag obair san fhactaraidh. Tha caraidean a' fuireach leam gam thaigh an t-seachdainn seo. Thàinig iad bho Phennsylvania. Tha mi a' smaoineachadh gum fuirich iad gu Didòmhnaich.
'S dòcha gun tèid mi gu Maine a tuath air Dihaoine. Tha mi a' dol a dh'fhaighnich airson leth saor-là bho m'obair. Tha mi an dòchas gun tèid, co-dhiù. Ach chì sinn. 'S ann an-sin a tha a' bheinn as àirde ann am Maine. 'S Mt. Katahdin an t-ainm a tha oirre. 'S e àite snog a tha ann cuideachd.
Uill, tha e fadalach, agus feumaidh mi a' dol air ais a dh'obair a-maireach. Tha mi a' dol a ràdh, "Oidhche mhath!" thugaibh. No ann an Spàinntis, "¡Buenas noches!"
Beannachd leibh an-dràsta.

| Spàinntis | Gàidhlig |
| Yo soy | tha mi |
| Tú eres | tha thu |
| él, ella, usted es | tha e, i, sibh |
| nosotros somos | tha sinn |
| vosotros sois | tha sibh |
| ellos, ellas, ustedes son | tha iad, sibh |
Tha iad fìor nas fhasa ann an Gàidhlig gu dearbh. Tha tuilleadh ann gum feum mi a chuimhneachadh. Ach feumaidh mi Spàinntis a dh'ionnsachadh oir tha mòran sluaigh a' tighinn an-seo aig a bheil Spàinntis ach nach eil Beurla.
Tha mi a' dèanamh fiughar ri dol air ais dhan cholaiste air an 28mh là den Lùnasdal. Chan eil mòran tìde gus an tig an là. Bidh mi toilichte gu dearbh, 's fheàrr leam a bhith aig a' cholaiste na ag obair san fhactaraidh. Tha caraidean a' fuireach leam gam thaigh an t-seachdainn seo. Thàinig iad bho Phennsylvania. Tha mi a' smaoineachadh gum fuirich iad gu Didòmhnaich.
'S dòcha gun tèid mi gu Maine a tuath air Dihaoine. Tha mi a' dol a dh'fhaighnich airson leth saor-là bho m'obair. Tha mi an dòchas gun tèid, co-dhiù. Ach chì sinn. 'S ann an-sin a tha a' bheinn as àirde ann am Maine. 'S Mt. Katahdin an t-ainm a tha oirre. 'S e àite snog a tha ann cuideachd.
Uill, tha e fadalach, agus feumaidh mi a' dol air ais a dh'obair a-maireach. Tha mi a' dol a ràdh, "Oidhche mhath!" thugaibh. No ann an Spàinntis, "¡Buenas noches!"
Beannachd leibh an-dràsta.

1 Freagairtean:
At 13:35,
InternatioNiall said…
Tha mi a duilich, a Chinn-feachd, ach chan eil sin ceart.
'S ann airson is a tha ser am facal Spàinntis. 'S e estar a tha am facal airson bi (no a bhith, mar a sgrìobh thu).
Post a Comment
<< Dachaigh