Blòg Gàidhlig Chinn-feachd

Ceud Mìle Fàilte

Monday, April 10, 2006

Tha mi air ais bho shaor-làithean

Bha mi air saor-làithean a t-seachdain a chaidh. Chaidh mi gu beagan àiteachan. Bha mi ann am Portland air Diardaoin, agus Disathairne, chaidh mi gu Bangor. Dh'ith mi aig taigh-bìdh air an robh an t-ainm "DiMillo's." Is e sin taigh-bìdh Edailteach a rinneadh bho sheann bhàt-aiseig. Bha am biadh glè mhath. Rachainn an-sin a-rithist. Cuideachd, chaidh mi gu taigh-bìdh eile airson dìnneir. B'e "Old Country Buffet" an t-ainm a bha air. Obh, obh! Tha mi a' smaoineachadh gun do dh'ith mi cus air an latha sin!

Uill, feumaidh mi falbh an-dràsta. Beannachd leibh!

0 Freagairtean:

Post a Comment

<< Dachaigh