Blòg Gàidhlig Chinn-feachd

Ceud Mìle Fàilte

Tuesday, April 11, 2006

Mo chreach! Peatrail!

Cha toigh leam na prìsean daora seo de pheatrail! Tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad a' goid uainn.

Tha a' phrìs peatrail air a fhàs mu 20¢ gach galan. Ach carson? Chan eil adhbhar ann as urrainn dhomh a dh'fhaicinn. Co-dhiù, tha mise a' smaoineachadh gu bheil a' phrìs ro dhaor. Tha eagal orm nach bi airgead gu leòr agam a dhol do cholaiste. Is math nach eil ach ceithir seachdainean gus crìoch sgoile. Tha mi an dòchas gun obair mi anns an t-samhradh, oir feumaidh mi airgead a dhèanamh airson an fhoghair.

Phàigh mi $2.54 gach galan an-dè airson peatrail. Dh'fhàs a' phrìs gu $2.69 gach galan an-diugh.

Is dòcha gur e na luchd-turais as coireach. Mar sin, tha mi an dòchas gu bheil seo dìreach airson an t-samhraidh! Tha peatrail cho daor ri òr an-dràsta. Uill, an dòcha gu bheil peatrail-se nas daoire?

Chan eil mi cinnteach. Chan eil mi cinnteach idir. Bhiodh e snog ma b'urrainn dhomh a choiseachd dhan sgoil, ach tha mo sgoil mu dhà fhichead mìle o mo thaigh.

Oh uill, tha mi a' saoileadh nach dèan mo ghearran càil mu a dheidhinn, ach tha mi a' fàireachdainn nas fheàrr! :-)

Beannachd leibh an-dràsta.

4 Freagairtean:

  • At 13:14, Blogger Graisg said…

    A-rèir cuid bidh a’ phris sìor dhol am meud air sgath ‘s gu bheil cogaidh le Iran air fàire. Tha cuid eile den bheachd gur iad a’ cleachdadh leisgeil sam bith ge-tà, airson beagan a bharrachd airgid a dhèanamh.

     
  • At 22:17, Blogger ceann-feachd said…

    Tha mi a' smaoineachadh gur e an darna leisgul is coireach. Ged as dòcha gun dèan cogadh rudeigin mu a deidhinn cuideachd. Is coma leam an leisgeul, dhomhsa tha e ro dhaor gu dearbh (Bidh mi a' dràibheadh 340 mìle gach sheachdain)!

    Ged as fortanach nach eil ach ceithir seachdainean de cholaiste agam a-nis. Mar sin, chan fheum mi mòran peatrail a cheannachd an-dèidh sin, oir cha bhi mi a' dràibheadh cho fada.

    Co-dhiù, feumaidh mise colaiste, a dh'fhaighinn obrach math. Cha bu chòir dhomh a dhèanamh gearrain cho trìc. Is nas fhasa peatrail a cheannachd an-dràsta na fichead bliadhna air ais, nach e? Uill, mar a bheil mi air m'innse co-dhiù.

    Beannachd leat!

     
  • At 07:36, Blogger An Búrcach said…

    Ciod e mar a tha sibh, a chinn fheachd? Is gle mhath a' rud a tha thu deanamh leis a Ghaidhlig an' sheo. Ach co-dhiu. Mu dheidhinn am peatrail: tha e cur dragh air gu leor daoine a rud a tha seo, ceart gu leor. Ach, air an taobh eile, istocha gu feim sinn uile toirt suas caraichean petrail anns an am a tha ri theachd oir tha buaidh an taigh-gloine 'deanamh dochair dhan arainneachd. De tha thu smaoineachadh mu dheidhinn sin?

     
  • At 21:48, Blogger ceann-feachd said…

    Bu toigh leam a chleachdadh mo char gun peatrail. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sibh ceart ann an dòigh, ach bidh na prìsean nas àirde a' dèanamh cùisean glé dhuilich dhuinn uile.

    Fhuair mi mo char nuair nach robh peatrail ach $1.40 sa galan. Tha e $2.80 a-nis. B'àbhaist dhomh a lìonadh an tanca agam le $20. A-nis, feumaidh mi $40. Tha e a' fàs faisg air $50. Cha dèan mi móran airgid idir. Dhomhsa bha $20 nas fhasa.

     

Post a Comment

<< Dachaigh